Birlinnean Gaidhealach

English

Troimh an àm meadhan-aoiseil cuir na Gaidheil earbsa ann am birlinnean airson gach eadar-cheangal air muir. Tha moran iomraidhean againn orra ann a litricheas Gaidhlig - agus gu àraid ann an dàn fada dhe'n ainm "Birlinn Clann Raonuill", a sgriobh Alasdair Mac Dhomhnaill, aon de bhàird Gaidhlig a b'ainmeile san ochdamh linn dheug. (Tha Alasdair air a thiodhlaiceadh an àiteigin ann a' cladh Àrasaig, agus tha clàr beag na chuimhne air a' bhalla). Co dhiu, tha cuideachd againn sreath phrìseilde leacan-uaigh, a tha na sìneadh, gu tric gun sùim, ann an cladhan sgaoilte na Gaidhealtachd. Air cuid mhath dhe na leacan sin tha grabhalaidhean de bhirlinnean a bha na samhla air inbhe agus cumhachd am fir-seilbhe. Ghlac iad sin gu tric, mac-meanmainn luchd-seallaidh, agus o chionn ghoirid thog garradh- bhàta mac-samhail de bhirlinn bheag a sheòl suas an Costa-an-Iar agus a thadhail, eadhoin ann a Malaig airson crann a chuir an àite fear briste.

Aileach

Birlinn "Aileach"
© Sarah Clark

Tha birlinnean de shliochd direach o bhàtaichean Lochlannach - tha an t-ainm birlinn ma dh'fhaoidte bunaichte o byrding, seorsa de bhàta cargu Lochlannach. Bha iad air an togail le bùird-chomhdaichte, le raimh agus aon sèol air crann steidhichte nan teis-meadhoin. Bha toiseach agus deireadh àrd orra, ach chuirear stiuir-dheiridh an àite a' bhùird-stiuiridh Lochlannach o mu dheireadh an dàrna linn dheug. Bha lughad a meud agus cudthrom a ciallachadh, ma bha e feumail, gun robh e comasach an slaodadh tarsainn tìre far am biodh earann caol de fhearann eadar dà inbhir dhe'n mhuir. Thugar an t-ainm 'Tairbeart' air a leithid sin de dh'àitean giùlain anns a' Ghaidhlig. Tha cuid, mar Tairbeart, Loch Nibheis, aig nach eil ach stàth ionadail. Bha feadhainn eile mar Tairbeart, Loch Fìne, de stàth mhòr roimh-innleachdail anns na connsachaidhean eadar righean na Lochlainn agus righean Alba mu shealbh Innse-Ghall. Tha aon dhe na dealbhan anns an Ionad Eachdraidh a sealltainn "Aileach", ath-chumadh de bhirlinn meadhan-aoiseil aig acaire a mach o Tairbeart, Loch Nibheis. Tha t-eile ga sealltainn air bhi ga giulain aig taobh Siar Loch Tairbeart, Earra-Ghaidheal. 'S na seann aimsir bhiodh i air a slaodadh air rollan, aiseanan mhucan-mara, neo frith-rathad. 'S an t-suidheachadh seo, ghairmear air tractar!