Na Bataichean Teasairginn

English

Be a chiad bhàta air a togail sònraichte airson daoine a shàbhaladh o fhairgean stoirmeil an "Original", a chaidh a thogail ann a 1790 le Henry Greathead, a South Shields. 34 bliadhna an deidh sin, an 1824, shuidhicheadh an RNLI (Steidheachadh Bàta-Teasairginn Rioghail Naiseanta) agus o'n àm sin shàbhaladh meadhan leth-ceud beatha gach miòs anns na h-uisgean mun cuairt chladaichean Bhreatann agus Eireann. Tha an RNLI air a mhaoinicheadh gu leir le tabhartasan o'n mhòr-shluagh.

Bàta- teasairginn Mhalaig

Bàta- teasairginn Mhalaig "Henry Alston Hewat"

Be chiad bhàta-teasairginn a chaidh a shuidheachadh ann a Mhalaig, an "Sir Arthur Rose", an 1948. Bha i air a leantainn leis an "E.M.M. Gordon Cubbin", an 1957, an "Davina and Charles Matthews- Hunter" an 1982 agus an uairsin leis a' bhàta-teasairginn a tha ann an drasda a "Henry Alston Hewat" an 2001. Mar a' stèisean bàta-teasairginn is fhaide dha'n iar air tìr-mòr Bhreatann, tha bàta- teasairginn Mhalaig air a gairm a mach gu tric airson cuideachadh a thoirt do bhàtaichean ann an trioblaid 'san Mhaoil a Deas agus mun cuairt oirthir deas agus an ear dhe'n Eilean Sgìtheanach. Faodar a gairm cuideachd airson an dòtair, poileas, no seirbhis smàlaidh a thoirt gu na h- eileanan neo àitean do-ruigsinneach dhe'n mhòr-thìr ann an èiginn, ach thachair an t-saoithir a bu neo-abhaisteach dha'n bhàta-teasairginn aig àm an Taghaidh Choitcheann san Ghiblean 1992, nuair a laigh helicoiptear a bha giulain nam bocsaichean-bhòtaidh as na h-Eileanan Beaga an eiginn anns a Chnoideart, agus bha na bocsaichean air an giulain gu Malaig air a' bhàta-teasairginn. Is e fir saor-thoileach a tha ann an sgiòba nam bàta-teasairginn uile. Ann a 1993 chaidh an gairm a mach 26 turas, a dha dhiu a thionndaidh a mach gu bhi meallta.