An Tairbeart: ainm-àite cumanta

English

Ann an 1098 thagair Righ Magnus na Lochlann, na h-eileanan air fad a mach o thaobh siar Alba. Shonnraich e eileanan mar àitean mun cuairt an trialladh e ann am bàta. Chuir e Cinntire ri thighearnas le birlinn a bhi air a giùlain tarsainn na h-aoidh aig an Tairbeart, Loch Fìne. Bha a' miotas cho cumhachdach gum b'fheudar do Raibeart Bruce fhuadach dà linn an dèidh sin, leis an euchd a dheanamh a rithis - an turas sin ann am fabhar Alba. O chionn ghoiridh rinneadh oidhirp an "Aileach" a ghiulain - be i sin ath-chumadh de aon dhe na birlinnean meadhan-aoiseil sin. Chan urrainn nach be saoithir shàrach e - ach gu fortanach bha cuideachadh aig laimh! Faodaidh sinn beachdadh air a leithid a shaoithir, ged a b'ann le bàtaichean na bu lugha, aig an Tairbeart, Loch Nibheis, agus an Tairbeart Chanaidh.