Aiseagan a Mallaig

English

An "Road to the Isles" a fagail Malaig airson Armadal, mu 1934

Gus an linn seo, be an crosadh gnathach thun an Eilean Sgìtheanach troimh chaoil Chaol-Rhea faisg air Gleann Eilg, far an do shnamh crodh o'n eileam tarsainn ceangailte sròn ri earball as dèidh bàta. Chleacd luchd-aisig agus litrichean an ciodha aig an Rubha, faisg air Àrasaig. Nuair a dh'fhosgail an rèile, dh'atharraich sin uile, agus sheòl bàtaichean-smùide nan litrichean a Malaig le fàgailean riaghailteach gu Armadal agus Port-Righ 'san Eilean Sgìtheanach gu Loch Baghasdal agus Steòrnabhadh 's an Eileanan-Siar, Ra'arsa, na h-Eileanan-Beaga, agus gu ceann-uidhean mar Ghleann-Eilg, an Caol agus a' Chomraich. Mhair an seòl seo gu bliadhnan 1970 nuair a rainig tuilleadh agus tuilleadh luchd-aisig agus bathar airson nan eileanan le càraichean agus làraidhean aig a puirt. Ghluais an t-seirbhis gu Barraidh agus Loch Baghasdal thun an Obainn, an ionad-fàgail a b'fhaide gu deas, fad'sa dh'fhàs na slighean bu ghiorra eadar Caol-Lochailse agus an t-Eilean-Sgìtheanach, agus eadar Steòrnabhadh agus Ullapul na bu chudromaiche. An dràsda, tha an t-aiseag luchd-aisig "Lochnevis" ag ullachadh seirbhis gu na h-Eileanan-Beaga, fad'sa tha an t-aiseag-charbaid "Coir' Uisg" a dol tarsainn gu Armadal ag uisneachadh an t-soirbheachd ùr draibheadh dìreach orra a chriochnaicheadh am bliadhna 1994, agus a rinn comasach seirbhis na bu thrice thun an Eilean-Sgìtheanaich, agus seirbhis ùr gu Uibhist-a-dheas agus Barraidh.